Alexander MacBain (le Anndra G.)

Alasdair Mac Beathain

Alexander MacBainAge: 51 years18551907

Name
Alexander MacBain
Given names
Alexander
Surname
MacBain
Also known as
Alasdair MacBeathain
Birth 22 July 1855 24 22
Address: Tuathanas/Fearann Balguish, Gleann Fèithisidh, Bàideanach, sgìre Inbhir Nis ´ (Balguish Farmhouse, Glenfeshie, Badenoch, Inverness-shire)
Death of a paternal grandfatherThomas MacBain
3 September 1855 (Age 43 days)
Cause: tinneas a' chridhe (disease of the heart)
Birth of a half-sisterJanet ‘Jessie’ McIntosh
1 March 1859 (Age 3 years)
Education
bunsgoil
between 1862 and 1863 (Age 6 years)
School or college: Sgoil Finnag
Education
bunsgoil
between 25 November 1863 and 8 August 1870 (Age 8 years)
School or college: Sgoil Co-Thional Am Baile Ùr Sgìre Innis, Bàideanach (General Assembly School Insh, Badenoch)
Death of a paternal grandmotherMacIntyre Janet
9 January 1869 (Age 13 years)
Cause: neo-aithnichte
Occupation
cànaineach (philologist), saoidh (scholar), fiosraiche Eòlas Ceilteach (expert of Celtic Studies), deasaiche (editor), leabharadair (publisher, author)
yes

Residence between 1855 and 1870
Address: Druim na Callaich, Gleann Fèithisidh, Bàideanach Taigh a sheanmhair mhàthaireil Catrìona Camshron (Catherine Cameron)
Dealbh Taigh Druim na Callaich
Dealbh Taigh Druim na Callaich

Note: Dealbh dèanta le Alasdair MacBeathain

Residence between 1863 and 1870 (Age 7 years)
Address: Drumgusih, sgìre Inbhir Nis, taigh piuthar-athar, Màiread MacBeathain (Margaret MacBain), is a sheanmhair athaireil, Seònaid nic an t-Saoir (Janet McIntyre)
Occupation
Neach-teagaisg / Maighstir Sgoile (Teacher / School Master)
between December 1870 and April 1871 (Age 15 years)
Employer: Sgoil Dunmullie, Coit a' Ghartain (Dunmullie School, Boat of Garten)
Education
àrd-sgoil
1871 (Age 15 years)
School or college: Sgoil Baldow, Bàideanach
Education
àrd-sgoil
1873 (Age 17 years)
School or college: Sgoil Baldow, Bàideanach
Occupation
neach-tomhais (surveyor)
between 1871 and 1874 (Age 15 years)
Employer: Ordnance Survey
Education
Àrd-sgoil
between 1874 and 1876 (Age 18 years)
School or college: Sgoil Gràmair Obar Dheathain (Old Aberdeen Grammar School)
Education
Oilthigh
between 1876 and 1880 (Age 20 years)
School or college: Oilthigh/Colaiste an Rìgh Obar Dheathain (King's College/University of Aberdeen)
Death of a maternal grandmotherCatherine Cameron
17 June 1877 (Age 21 years)
Cause: tinneas na stamaige (disease of stomach)
Occupation
ceann-suidhe aig An Comunn Gàidhleach Obar Dheathain (president of the Celtic Society Aberdeen)
between 1876 and 1879 (Age 20 years)
Employer: An Comunn Gàidhleach Obar Dheathain (the Celtic Society Aberdeen
Occupation
ceann-suidhe aig An Comunn Gàidhleach Obar Dheathain (president of the Celtic Society Aberdeen)
1879 (Age 23 years)
Employer: An Comunn Gàidhleach Obar Dheathain (the Celtic Society Aberdeen
Graduation
Type: MA (Master of Arts), Class II, with honours in mental philosophy
1880 (Age 24 years)
Agency: Oilthigh/Colaiste an Rìgh Obar Dheathain (King's College/University of Aberdeen)
Occupation
neach-cuideachaidh (assistant)
1880 (Age 24 years)
Employer: Sgoil Gràmair Obar Dheathain (Old Aberdeen Grammar School)
Occupation
sgriobhadair (writer) / ùghdar (author)
between 1880 and 1903 (Age 24 years)
Employer: An Commun Gaidhealach Inbhis Nis (Gaelic Society of Inverness)
Occupation
maighstir-sgoile
between July 1880 and 4 April 1907 (Age 24 years)
Employer: Urras na Gaidhealtachd (Highland Trust) - Sgoil Raining, Inbhir Nis (Raining School Inverness)
Alasdair MacBeathain còmhla ri Sgoilearan
Alasdair MacBeathain còmhla ri Sgoilearan

Note: Dealbh à: Celtic Mythology and Religion with chapters upon Druid Circles and Celtic Burial by Alexan…

òraid
òraid dhan Chomuinn Ghàidhealaich Inbhir Nis air Sgoilearachd Ghearmailteach
1882 (Age 26 years)
òraid
òraid dhan Chomuinn Ghàidhealaich Inbhir Nis air Cànan is Litreachas nan Gaidheal
1882 (Age 26 years)
leachtan/òraid
leachtan/òraid dhan Chomuinn Ghàidhealaich Inbhir Nis air Litreachas Oiseanach
17 February 1885 (Age 29 years)
Occupation
na h-aon dheasaiche de Celtic Magazine (sole editor of the Celtic Magazine)
between 1886 and 1888 (Age 30 years)
Employer: Celtic Magazine
Note: Celtic Magazine, Vol. 1, No. 1, published November 1875 ( A Monthly Periodical Devoted to the Litera…
leachtan/òraid
leachtan/òraid dhan Chomuinn Ghàidhealaich air na gaisgaich Ghàidhealaich air a bheil "an Fhèinn"
1887 (Age 31 years)
Note: Tha pàipear ri fhaighinn san eadar-lìon air a bheil "Who were the Feinn? - Did Fingal live or Ossian sing?" le Alasdair MacBeathain (http://archive.org/details/whowerefeinndidf00macb), a chaidh a leughadh le Alasdair MacBeathain chun A' Chomuinn Ghàidhealaich Ghlaschu, 26mh am Faoilleach 1892. 'S dòcha gum b' e siud an dearbh leachtan air an robh MacLeod a' bruidhinn ach cha do thachair e ann an 1887 no 1888 ach ann an 1892.
Occupation
co-dheasaiche (joint editor)
between 1889 and 1902 (Age 33 years)
Employer: Highland Monthly (Northern Chronicle Office, Inverness)
Note: The Highland Monthly, Vol. I, Published 1889-90 (a magazine forming a centre of literature brotherho…
leachtan/òraid
leachtan/òraid dhan Chomuinn Ghàidhealaich Ghlaschu
26 January 1892 (Age 36 years)
Note: Who were the Feinn? "Did Fingal live or Ossian Sing?" : a paper read by Mr. Alex. MacBain,…
leachtan/òraid
leachtan/òraid dhan Inverness Field Club air "The Chiefship of Clan Chattan"
November 1895 (Age 40 years)
Note: "The Chiefship of Glan Ghattan."
Death of a fatherJohn MacBain
9 June 1904 (Age 48 years)
Address: adhlaichte raghan Ràt Mhurchais / Achadh na h-Aithnich (buried Rothiemurchus churchyard)
foillseachaidhean (publications)
foillseachaidhean (publications)
yes

Death 4 April 1907 (Age 51 years)
Address: Adhlaichte: Raghan Ràt Mhurchais / Achadh na h-Aithinich, Bàideanach Burried in: Rothiemurchus churchyard, Badenoch
Cause of death: dòrtadh-fala eanchainniche (cerebral haemorrhage)
Burial April 1907 (Age 51 years)
Cemetery: Raghan Ràt Mhurchais / Achadh na h-Aithinich, Bàideanach (Rothiemurchus churchyard, Badenoch)
Note: Rachadh na dealbhan a sholarachadh coibhneil le Seumas Grannd, Ràt Mhurchais
Note: Tha artaigil ann às a’ phàipear-naidheachd Guelph Mercury, Ontario, Canada, a chaidh fhoillseachadh ann an 17mh an Lùnasdal 1891 agus a tha a’ toirt iomradh dhuinn air turas a rinn Iain MacBeathain gu Alba ann an 1883. Agus sin an dearbh bhliadhna a chaidh leac-uaighe teaghlach MacBeathain a chur air chois ann an raghan Ràt Mhurchais. ’S mar sin tha e gu math coltach gun do choinnich Alasdair ri athair a-rithist.


Title
LL.D. (Legum Doctor - Doctor of Laws)
yes

Alasdair MacBeathain LL.D.
Alasdair MacBeathain LL.D.

Note: Dealbh à: Place Names Highlands & Islands of Scotland by Alexander MacBain (Stirling 1922, Eneas…

Family with parents - View this family
father
John MacBain
Birth: 8 August 1830 51 39Sgìre Ceann a' Ghiùthsaich agus Am Baile Ùr Sgìre Innis, Inbhir Nis (Parish Kingussie and Insh, County Inverness)
Death: 9 June 1904Drumguish, Sgìre Inbhir Nis
mother
himself
Alasdair Mac BeathainAlexander MacBain
Birth: 22 July 1855 24 22Tuathanas/Fearann Balguish, Gleann Fèithisidh, Bàideanach, sgìre Inbhir Nis
Death: 4 April 1907Taigh-Òsta Stèisean, Sruighlea (Station Hotel, Stirling)
Mother’s family with Alex McIntyre - View this family
step-father
mother
Marriage:
half-sister

Occupation
Celtic Magazine, Vol. 1, No. 1, published November 1875 ( A Monthly Periodical Devoted to the Literature, History, Antiquities, Folk Lore, Traditions, and the Social and Material Interests of the Celt at Home and Abroad.) Different volumes now available online: http://archive.org http://archive.org/search.php?query=Celtic%20Magazine
leachtan/òraid
Tha pàipear ri fhaighinn san eadar-lìon air a bheil "Who were the Feinn? - Did Fingal live or Ossian sing?" le Alasdair MacBeathain (http://archive.org/details/whowerefeinndidf00macb), a chaidh a leughadh le Alasdair MacBeathain chun A' Chomuinn Ghàidhealaich Ghlaschu, 26mh am Faoilleach 1892. 'S dòcha gum b' e siud an dearbh leachtan air an robh MacLeod a' bruidhinn ach cha do thachair e ann an 1887 no 1888 ach ann an 1892.
Occupation
The Highland Monthly, Vol. I, Published 1889-90 (a magazine forming a centre of literature brotherhood for Scoto-Celtic people both at home and abroad). Different volumes now available online: http://archive.org http://archive.org/search.php?query=Highland%20Monthly
leachtan/òraid
Who were the Feinn? "Did Fingal live or Ossian Sing?" : a paper read by Mr. Alex. MacBain, M.A., Raining's School, Inverness (1892) Now available online: http://archive.org/details/whowerefeinndidf00macb
leachtan/òraid
"The Chiefship of Glan Ghattan." A LECTURE DELIVERED TO THE Inverness Field Club, IN NOVEMBER, 1895, BY ALEXANDER MacBAIN, M.A. Printed for distribution among the Clan Chattan at the expense of the author's cousin, Duncan Mackintosh, 260 High Street, Glasgow. December 1896. Now available online: http://archive.org/details/thechiefshipofcl00macb
Burial
Rachadh na dealbhan a sholarachadh coibhneil le Seumas Grannd, Ràt Mhurchais
Burial
Tha artaigil ann às a’ phàipear-naidheachd Guelph Mercury, Ontario, Canada, a chaidh fhoillseachadh ann an 17mh an Lùnasdal 1891 agus a tha a’ toirt iomradh dhuinn air turas a rinn Iain MacBeathain gu Alba ann an 1883. Agus sin an dearbh bhliadhna a chaidh leac-uaighe teaghlach MacBeathain a chur air chois ann an raghan Ràt Mhurchais. ’S mar sin tha e gu math coltach gun do choinnich Alasdair ri athair a-rithist.
Note
Gàidhlig: Alasdair MacBeathain – Soillsear cànaineach na Gàidhlig Tha a sholas a’ losgadh fhathast - Ceud ‘s a còig bliadhna às dèidh dha bàsachadh le Anndra Gheorghiu (le cuideachadh gasda bho Sheumais Grannd, Mhàiri Nic Coinnich agus Chaoimhín Ó Donnaile) Cò bh’ ann an Alasdair MacBeathain is carson a bhiodh e cudthromach cuimhne a chur oirnn ma dheidhinn? Uill, leis an fhìrinn, cha robh fios agam fhìn air nuair a thòisich mi le rannsachadh beag air a bheatha a dhèanamh. Bha e direach mar uiread de dh’ainmean a chluinneas tu is cha bhiodh iad dad ach nan smidean a chaidh a chur air dòigh gus sreang fuaimneachaidh a chruthachadh. Sgapadh iad an uair a rachadh iad analaich a-mach oir gun fhios mu eachdraidh an duine fon t-ainm cha bhiodh e comasach dhuinn cuimhne a chur oirnn ma dheidhinn a-chaoidh. B’ e direach ainm eile a bhiodh ann, ainm mar uiread dhiubh a chluinneadh tu is a dhìochuimnicheadh tu gach latha. Tha sinn bèo ann an àm far a bheil daoine a’ dìochuimhneachadh eachdraidh san latha an-diugh ach gu mì-fhortanach tha sinn a’ dìochuimhneachadh cuideachd gun chailleamaid le eachdraidh cuideigin sònraichte pàirt cudthromach ar eachdraidh cumanta fhèin agus cha bhiomaid fiù 's mothachail ma dheidhinn. 'S dòcha gun canadh cuid dhiubh, a tha eòlach air an obair air leth a rinn Alasdair, na cho cudthromach 's a bha is a tha a phàipearan/a bheachdan airson an t-saoghail shaidheansail Cheiltich is Indo-Eòrpaich. Ach, a bharrachd air sin agus gu pearsanta bha e a’ cur gu h-àraidh iongnadh orm na rinn duine le a chùl-ionaid às a’ bheatha aige. Rugadh Alasdair ann an Croit “Balguish”, Gleann Fèithisidh, Bàideanach, sgìre Inbhis Nis, Didòmhnaich, 22mh an t-Iuchar 1855 is esan na leanabh-dhìolain aig Iain MacBeathain (John MacBain) agus Màiread Nic an Tòisich (Margaret Mackintosh). Tha a latha-breith a’ dèanamh Leo dheth (mar shoidhne reul-dhraoidheach). Thathar a’ sgrìobhadh mu dhaoine air am breith fo rionnagan Leo gum biodh ceannardan nàdarrach a bh’ annta is gum biodh comas aca a bhith a’ brosnachadh daoine eile. Uill, tha mise den bheachd gun robh Alasdair na Leo ceart gu leòr, gun teagamh sam bith. A rèir clàradh-breith aig Alasdair MacBeathain bha athair na sgalag aig àm a bhreith. Agus ann an 1861 Scotland Census chaidh a mhàthair a clàrachadh na ban-oglach . Chan urrainn dhuinn a ràdh gun do rugadh Alasdair am broinn teaghlaich beartaich agus cha b’ urrainn dhuinn dìochuimhneachadh gu bheil àm a bhreith a’ rìochdachadh àirde nam Fuadaichean, deich bliadhnaichean air fhichead roimhe strì an fhearainn, an dà chuid nan tachartasan chudromach airson na Gaidhealtachd is nan Eilean Siar suas chun an latha an-diugh. Nuair a bha Alasdair dà bhliadhna a dh’aois chaidh athair a Chanada san t-Sultain 1857 oir fhuair e obair thall an siud. Mu dheireadh thal dh'obraich athair airson Donald Campbell (bùth mòr is oifis a' phuist) ann an Lucknow (Sgìre Ontario, Ceàrn Bruce West) . Ann an 1881 agus 1891 Census Canada chaidh Iain MacBeathain (John MacBain) a chlàradh a bha ag obair mar neach-cumail-leabhraichean ann am bùth-coitcheann . Tha mi den bheachd gun robh ìre de dh’fhoghlam aig Iain MacBeathain agus gun robh Beurla aige oir chan fhaigheadh e an obair thall thairis mura biodh seòrsa de dh’fhoghlam aige. Tha gràbhaladh leac-uaige teaghlach MacBeathain a’ dearbhadh sin cuideachd oir thathar a’ sgrìobhadh thall an sin gun robh Iain MacBeathain na neach-teagaisg (sgoil Didòmhnaich) ann an Lucknow. A rèir coltais cha robh athair Alasdair MacBeathain “na sgalag chumanta”. Agus tha siud a’ toirt rud beag mìneachadh dhuinn bho chùl-eachdraidh-beatha phearsanta aig Alasdair air ciamar a b’ urrainn dha a dh’èirich na sgoilear air leth a bh’ ann. Ann an 17mh an Lùnasdal 1891 sgrìobh am pàipear-naidheachd Guelph Mercury, Ontario, Canada, artaigil beag mu Iain MacBeathain, a bha airson a shiubhal gu Alba . 'S dòcha gun robh siud sèorsa de “beannachd leat” oir lorg sinn Iain MacBeathain air ais ann an Alba, a chaidh a chlàradh ann an 1901 Scotland Census. An uair sin bha e a' fuireach còmhla ri a phiuthar, Màiread MacBeathain (Margaret MacBain) ann an Clachan Drumguish, Ceann a’ Ghiùthsaich agus Am Baile Ùr Sgìre Innis, Bàideanach. Chaidh a chlàradh mar neach-cuideachaidh ceannaiche-aodaich (draper’s assistant), a than am bheachd gu math coltach ri neach-cumail-leabhraichean. Leig e dheth obair cheana an uair sin (1901). Tha artaigil gu h-àrd às a’ phàipear-naidheachd Guelph Mercury cuideachd a’ toirt iomradh dhuinn air turas a rinn Iain MacBeathain gu Alba ann an 1883. Agus sin an dearbh bhliadhna a chaidh leac-uaighe teaghlach MacBeathain a chur air chois ann an raghan Ràt Mhurchais. ’S mar sin tha e gu math coltach gun do choinnich Alasdair ri athair a-rithist. A thaobh na dàimhe a bh’ aca sgrìobh Prof. W. J. Watson san roimh-ràdh den chlò-bhualaidh 1917 de “Celtic Mythology and Religion” le Alasdair MacBeathain: “He kept a full and careful note of his correspondence with his father, who had gone to better his fortune in America, and was deeply solicitous for his son's welfare.” Tha fios againn bho na leabhraichean-latha aig Alasdair gun deach a mhàthair a dh’obair ann an Ràt Mhurchais (Achadh na h-Aithnich) agus Ceann a’ Ghiùthsaich gus rud beag cosnadh a dhèanamh dhaibh fhad ’s a dh’fhuirich Alasdair leis an t-seanmhair aige, Catrìona Camshron (Catherine Cameron), ann an Druim na Callaich. Nuair a rachadh màthair trom bho duine air an robh Alex McIntyre ann an 1858 bha e gu math soilleir nach biodh teaghlach cumanta aige a-chaoidh. Uill, siud againn Alasdair beag, a’ fàs mòr gun athair, le màthair a bhiodh ag obair fad an latha, le leth-phiuthar bheag, anns an taigh bochd a sheanairean, a’ dol leis an aon bhà a bh’ aca a-null ‘s a-nall thar Coranstilbeg airson ionaltraidh gach latha sa mhoch agus san fheasgar. Bho 1863 a-mach thachradh rudan cudthromach a thaobh euchdan a bheatha oir thachair e – a rèir coltais - ris na gaoil mhòire a bheatha, siud ionnsachadh agus eòlas. Sa gheamhraidh 1862/63 chaidh Alasdair a chur gu sgoil bheag, leth rathaid air falbh bho Coranstilbeg (Corrensdale Mor), ann an sliabh lom. Chaidh an sgoil ainmeachadh Sgoil Finnag bho ainm an t-struith thall an sin. Dh’fhuirich e thall an sin airson dà chairteal na bliadhna cha mhòr oir stad Sgoil Finnag ann an 1863. Air sgàth ’s nach robh sgoil faisg orra far am bu chòir do dh’Alasdair a dhol ann air chois [cha robh ann ach coiseachd fhada thar grunnd doirbh gu Innis] chuir a theaghlach air dòigh dha a dh’fhuirich ann an Drumguish agus a dhol dhan Sgoil Co-Thional Am Baile Ùr Sgìre Innis, Bàideanach (General Assembly School Insh, Badenoch). Bha an sgoil dà mhìle air falbh ann an rathad math bho taigh piuthar-athar. Thòisich e leis an sgoil Diciadain, 25mh an t-Samhain 1863 . Thall an sin bhiodh e ag ionnsachadh Beurla (nach robh aige roimhe oir bha Gàidhlig aca aig an taigh a-mhàin) is far an tachradh e ri neach-teagaisg cudromach dha, b’ e sin Alexander MacKenzie. Bhon uair sin dh’fhuiricheadh e aig taigh piuthar-athar, Màiread MacBeathain (Margaret MacBain), is a sheanmhair athaireil, Seònaid nic an t-Saoir (Janet McIntyre), ann an Drumguish. Gach ceala-deug feasgar Dihaoine ghluaiseadh e air ais gu Druim na Callaich (far an robh màthair is a sheanairean mhathaireil a’ fuireach). Tha e coltach gun do dhrùidh òl an eòlais gu mòr air oir goirid às dèidh dha an sgoil fhàgail, eadar an Dùbhlachd 1870 agus an Giblean 1871 b’ e neach-teagaisg a bh’ ann (na h-aonar cha mhòr) aig Sgoil Dunmullie, Coit a' Ghartain. Tha e a' nochdadh gu math do-chreidsinneach san latha an-diugh ach cha robh Alasdair ach còig bliadhnaichean deug a dh'aois an uair sin. A dh'aindeoin sin dh'fhàs àireamhan nan sgoilearan bho fichead air trì gu leth-cheud 's a seachd fhad 's a bha esan ann . Eadar 1871 – 1874 dh'obraich e airson an Ordnance Survey ann am Baile Dubhach agus anns a' Chuimrigh ach bha a phathadh air eòlas cho mòr is lorg e ùine ann an 1871 agus 1873 a dhol gu Sgoil Baldow, Bàideanach, airson Greugais agus Laideann a chur ri a bhocsachan-eòlais. Agus bha e gu math fortanach bursaraidh a bhuannachadh airson an Sgoil Gràmair Obar Dheathain (Old Aberdeen Grammar School) far an deach e bho 1874 gu 1876 airson foghlam a bharrachd fhaighinn . Mu dheireadh thall chaidh e eadar 1876 – 1880 gu Oilthigh/Colaiste an Rìgh Obar Dheathain far an d'fhuair e ceum le M.A. (le urram) ann am feallsanachd inntinneil. Nuair a ràinig e thall an sin ann an 1876 dh’aoin e ris A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus chaidh e ainmeachadh na cheann-shuidhe a’ chomuinn anns a’ bhad. Sgrìobh Donald E. Meek anns an aiste aige “Beachdan Ùra à Inbhir Nis/New Opinions from Inverness: Alexander MacBain (1855-1907) and the foundation of Celtic Studies in Scotland” mun tachartas ud mar a leanas: “His presidential address, given on 17 November 1876, was delivered in English, and concerned the relationship of Gaelic to the Aryan languages (as Indo-European languages were formerly called).” Chaidh Alasdair ainmeachadh na cheann-shuidhe A’ Chomuinn Ghàidhealaich Obar Dheathain airson an dara h-uair ann an 1879. Tha sin a' nochdadh gu math annasach. Oir tha sinn a’ dèiligeadh ri fear ùr a chaidh dhan Oilthigh an Rìgh airson a’ chiad àm is a chaidh ainmeachadh na cheann-shuidhe aig a’ Chomuinn Ghàidhealaich Obar Dheathain sa bhad. Ciamar a rinn Alasdair sin? Às dèidh dhà ceumnachadh fhaighinn aig Oilthigh Obar Dheathain bha Alasdair na neach-cuideachaidh de Dr. William Dey aig Sgoil Gràmair Obar Dheathain airson ùine ghoirid . ’S dòcha gum bi siud a’ sealltainn dhuinn gun robh e gu math eòlach no gu math faisg air Dr. Dey. Agus ’s math dh’fhaoidte gum bi an ceangal ud na mhìneachadh carson a bhathar eòlach air Alasdair mar neach-eòlais air achadh Indo-Eòrpach mus d’ ràinig esan Oilthigh Obar Dheathain. Anns an t-Iuchar 1880 rachadh e a thaghadh na mhaighstir-sgoile Rainig, Inbhir Nis, far am bu chòir dha a bhith a' fantainn gus an do chaochail e. Ach, a rèir coltais cha bhiodh siud dàn aig Alasdair a-mhàin agus bhiodh ar sgeul deiseil ann an seo nam biodh siud a h-uile rud ma dheidhinn. Ceum air cheum bha e ga chur e fhèin am measg nan sgoilearan as eòlaiche den t-àm a bh' aige. Is rinn e an dreuchd anns an dòigh sgoilearaich, gun teagamh sam bith. Bha“Celtic Mythology and Religion ” (an tòiseach foillsichte ann an Celtic Magazine ann an 1883-4 agus foillsichte ann am form-leabhair ann an 1885) a’ chiad leabhar a bh’ aige is rinn e cinnteach gum biodh eachdraidh air a sgeadachadh leis an t-ainm Alasdair MacBeathain nuair a sgrìobh e a' chiad “Etymological Dictionary of the Gaelic Language” (an tòiseach foillsichte ann an 1896). Eadar 1886 agus 1888 bha e na h-aon dheasaiche de Celtic Magazine agus eadar 1889 agus 1902 bha e na cho-dheasaiche de Highland Monthly . B' iongantach neart an duine seo oir thug e dhuinn meanbh-leabharlainn làn de phàipearan is leabhraichean a tha gu math luachmhor fhathast airson na iarradairean air na daoine miotasach ud a tha paisgte fhathast ann an eachdraidh cheòthaich agus air an robh – a rèir Herodotus – Keltoi. Ann an 9mh an Giblean 1901 rinn Oilthigh Obar Dheathain LL.D. (Legum Doctor – Doctor of Laws) dheth agus bha esan aig àirde a dreuchd an uair sin. Aon uair na lasair theine cha do chuir Alasdair stad a bhith na shoillsear airson ath-leasachadh na Gàidhlig, an dualchais Cheiltich agus an t-àite a th’ aige am broinn chraoibh chànainich Indo-Eòrpaich mar a tha na tòrr sgrìobhaidhean aige is cuideachd an obair a rinn e am measg A' Chomuinn Ghàidhealaich Inbhir Nis a' sealltainn dhuinn . Ach a dh’aindeoin sin cha b' e fear dealasach dall a bh' ann. Bha e na sgoilear inntinneil is spioradail air leth is dh'fhosgail e an doras chun an achaidh shaidheansail chànainich den 20mh linn gu farsaing airson uiread de luchd-leantainn a thoirt ceum air. Chaochail Alasdair MacBeathain (adhbhar a' bhàis: dòrtadh fala na h-eanchainniche), fada nas òige, ann an Taigh-Òsta Stèisean nuair a bha e ann Sruighlea airson saor-làithean na Càisge (’s dòcha cuideachd airson a thadhal air am foillsichear aige, Eneas MacKay) ann an 4mh an Giblean 1907 . Bu chòir dha na daoine a dh’ionnsaicheas Gàidhlig - is chan eil e gu diofar carson – a bhith air an teagasg rud beag aig a’ char as lugha mun eachdraidh is mun dhuine air an robh Alasdair MacBeathain oir bidh “na Gaidheil chumanta” agus na sgoilearan chraoibh chànanaich Indo-Eòrpaich den fhicheadamh is den aonamh linn air fhichead fo fhiachaibh do dh’Alasdair MacBeathain. Cuid de na foillseachaidhean/leachtan/litreachais le Alasdair MacBeathain: MacBain, A., 1883, ‘The Language and Literature of the Gael’ (speech given at the Tenth Annual Dinner of the Society), Trans Gaelic Soc Inverness, 10 (1881–83), 94. MacBain, A., 1885, Celtic Mythology and Religion, Publisher: A & W Mackenzie, Inverness MacBain, A., 1886, ‘The Heroic and Ossianic Literature’, Trans Gaelic Soc Inverness, 12 (1885–86), 180–211. MacBain, A., 1891, ‘Forward to the Collection of Mary MacPherson’s verses - Appreciation of the life and poetry of the Skye poetess, Mary MacPherson’ (Màiri Nic a’ Phearsain, Dàin agus Orain Ghàidhlig (Inverness, 1891), xi–xiv.) Macbain, A., 1891, ‘Gaelic incantations’, Transactions of the Gaelic Society of Inverness, xvii (1890–1), 222–66. MacBain, A. & Kennedy, J. (eds), 1892–4, Reliquiae Celticae: Texts, Papers and Studies in Gaelic Literature and Philology, 2 vols. Inverness. MacBain, A., 1892, 'Who were the Feinn? Did Fingal live and Ossian sing?', Gaelic Society of Glasgow, 26th January 1892 MacBain, A., 1894, `The Norse Element in the Topography of the Highlands and the Isles´ MacBain, A., 1895, Personal Names and Surnames of the Town of Inverness, Publisher: The Northern Counties Printing and Publishing Company, Limited, Inverness MacBain, A., 1897, ‘Mr Skene versus Dr Skene’, Trans Gaelic Soc Inverness, 21 (1896–97), 191–214. MacBain, A. & Whyte, J., 1906 (4th edition), How to Learn Gaelic, Publisher The "Northern Chronicle" Office, Inverness MacBain, A., 1909, Outlines of Gaelic Etymology (including MacBain's Study on "Ptolemy's Geography of Scotland, 1892") , Publisher: Eneas MacKay, Stirling MacBain, A., 1911, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language, second edn. Stirling. MacBain, A., 1917, Celtic Mythology and Religion (edited by William J Watson). Stirling. MacBain, A., 1920 (3rd edition), Gaelic Reader with Outlines of Grammar, Publisher: The "Northern Chronicle" Office, Inverness MacBain, A., 1922, Place Names [of the] Highlands and Islands of Scotland (with notes and introduction by William J Watson). Publisher: Eneas MacKay, Stirling. English: Alexander MacBain – A philological lantern of the Gaelic language His light is still burning – 105 years after his death by Anndra Gheorghiu (with the kindly help of Seumas Grannd, Màiri Nic Coinnich agus Caoimhín Ó Donnaile) Who was Alexander MacBain and why should it be of any importance for us to remember him? Well, to be honest, I didn't know anything about him when I've started to do some research with regard to his life. He was just like many of these names, which you hear and which are just syllables, put together to create a sound line. They would disperse the minute you’d breathe them out since without knowing the history of the man behind the name we won't be able to remember him. He would be just another name like many other names which you’d hear and forget, day in, day out. We live in a history forgotten time and we forget that unfortunately we lose with the history of someone special an important part of our own common history and that without even being aware of it. Some of those who are acquainted with the exceptional work of Alexander might say how important his papers/thoughts were and are for the Celtic and Indo-European scientific world. But besides that and personally it particularly amazed me what a man with his background was able to do out of his life. Alexander was born at Balguish Farmhouse, Glen Feshie, Badenoch, Inverness-shire on Sunday, the 22nd of July 1855 , being the illegitimate son of John MacBain and Margaret Mackintosh. His birthday makes a Leo out of him (as an astrological sign). It is written about people born under the stars of Leo that they are natural leaders and that they have the ability to encourage other people. Well, I’m convinced that Alexander was a Leo, without any doubt. According to Alexander MacBain’s birth certificate his father worked as a farmservant at the time of his birth. In the 1861 Scotland Census the occupation of his mother was registered as domestic servant . It wasn't a rich family into which Alexander was born and we ought not to forget that we're situated within a time of history to which we would later refer to as the height of the Highland Clearances, almost 30 years before the Land League activities, both of them crucial events for the Highlands and Islands up to this very day. In September 1857, when Alexander was two years old, his father John MacBain went to Canada since he got work yonder. There he worked eventually for Donald Campbell (large store and post office) in Lucknow (Province Ontario, District Bruce West) . John has been registered in the 1881 and 1891 Census Canada, as a bookkeeper in a general store . I guess, he must have had some degree of education and knowledge of the English language to get the job he got yonder. This is further confirmed by the inscription of the family-gravestone in Rothiemurchus, which states that John MacBain was a Sunday School Teacher in Lucknow. Thus we got one missing link of Alexander MacBain’s personal background-biography with regard to the question of how he could develop himself to such an exceptional scholar. Apparently, his father was more than just a “common farm servant”. On the 17th August 1891 the newspaper Guelph Mercury, Ontario, wrote a short article about Mr. John MacBain, who was on the eve of his departure to visit Auld Scotia . Maybe this was his farewell to Canada since we find the retired John MacBain listed in the 1901 Scotland Census, living together with his sister Margaret MacBain in the Hamlet of Drumguish, Kingussie and Insh, Inverness. His occupation is given as a retired draper's assistant and that is pretty much the same as a bookkeeper. The former mentioned article in the Guelph Mercury in 1891 also reports about a trip of John MacBain to Auld Scotia in 1883, which is the year when the family’s gravestone was erected at Rothiemurchus churchyard. Thus it is very likely that Alexander met his father again. With regard to their relationship Prof. W. J. Watson states in the Introduction of the 1917 edition of MacBain’s “Celtic Mythology and Religion” that Alexander: “…kept a full and careful note of his correspondence with his father, who had gone to better his fortune in America, and was deeply solicitous for his son's welfare.” From Alexander MacBain’s diaries we know that his mother went to work in Rothiemurchus and Kingussie to provide a living for them while Alexander stayed with his maternal grandmother, Catherine Cameron, in Drumchallach (Druim na Callaich). When his mother got pregnant to a named Alex McIntyre in 1858 it was clear that a family as such won’t come true for him. Well, there we have little Alexander, growing up without a father, with a mother at work all day long, with a small half-sister, in the poor house of his maternal grandparents, going thither and hither with the cow for grazing over Corrensdale in the morning and evening. From 1863 on crucial things with regard to his later deeds should happen since this is the time when he – apparently - met the big loves of his life, learning and knowledge. In the winter of 1862/63 Alexander was first send to a small adventure school half way to Corrensdale Moor, on a bleak moor, called the Finnag School from the name of the stream there. Here he stayed for “nearly 2 quarters of a year” since the school at Finnag ceased in 1863. Because there was no school near enough to walk to [the walk to Insh was long and across difficult ground] his family arranged for him to stay at Drumguish and to attend the General Assembly Insh School, Badenoch – 2 miles on a good road – which he started on Wednesday, 25th November 1863. There he would learn English (which he couldn't speak before since they only had Gaelic at home) and there he would meet an important teacher for him, namely Alexander MacKenzie. From now on he would live in the house of his father's sister and mother, Margaret MacBain and Janet McIntyre, in Drumguish. Every fortnight on Friday evening he would walk back to Drumchallach, where his mother and his maternal grandparents lived. The impact that the drinking of knowledge had upon him, must have been impressive because shortly after leaving school, between December 1870 and April 1871 he already taught, quite alone, the school of Dunmullie, Boat of Garten. It appears pretty incredible these days but Alexander was only 15 years old then. Despite that, the numbers of the scholars grew from 23 to 57 while he was in charge there . Between 1871 and 1874, he worked for the Ordnance Survey in Dufftown and in Wales but his thirst for knowledge was so big that he found time in 1871 and 1873 to go to Baldow School, Badenoch, in order to add Greek and Latin to his casket of knowledge. And he was quite fortunate to win a bursary for the Old Aberdeen Grammar School whereto he went from 1874 to 1876 for further education . Finally, Alexander went to the Aberdeen King's College where he graduated with a M.A. (with honours) in Mental Philosophy. When he arrived in 1876 he joined the Celtic Society there and was immediately appointed its President. Donald E. Meek states in his essay “Beachdan Ùra à Inbhir Nis/New Opinions from Inverness: Alexander MacBain (1855-1907) and the foundation of Celtic Studies in Scotland” that: “His presidential address, given on 17 November 1876, was delivered in English, and concerned the relationship of Gaelic to the Aryan languages (as Indo-European languages were formerly called).” Alexander was elected President of An Comunn Gaidhealach Obar Dheathain in 1879 for a second time. This appears quite unusual. A rookie who goes to the King’s College Aberdeen for the first time is immediately appointed president of the Celtic Society there. How did Alexander this? After his graduation at the University of Aberdeen, he was for a short time the assistant of Dr. William Dey in the Aberdeen Grammar School , which might show us that he was quite acquainted with Dr. Dey. Maybe this connection explains why he must have been already known in Aberdeen University circles for his knowledge in the field of Indo-European languages before he even attended the university. In July 1880 he was appointed rector of the Raining's School, Inverness, where he should remain until his death. But this was – apparently – not the fullfilment of his destiny and our story would be finished here if this would have been everything about Alexander MacBain. Bit by bit he put himself amidst the most knowledgeable scholars of his time. And scholarly he did the job, without any doubt. His first book was “Celtic Mythology and Religion ” (first published in the Celtic Magazine in 1883-4 and in book form in 1885) and he made sure that history would be adorned with his name when he wrote the first “Etymological Dictionary of the Gaelic Language “ (first published in 1896). Between 1886 and 1888 he was the sole editor of the Celtic Magazine and between 1889 and 1902 he was the joint editor of the Highland Monthly . The energey of this man was so extraordinary that he has provided us with a micro-library of papers and books that are still most valuable for the seekers of those mysterious people who are still wrapped in a misty historical veil and to whom Herodotus refered to as “Keltoi”. On the 9th of April 1901 Aberdeen University made him a LL.D. (Legum Doctor – Doctor of Laws) which was surely the height of his career. Once inflamed Alexander didn't stop to be a lantern for the re-development of the Gaelic language, the Celtic heritage and its place within the Indo-European-Language-Tree as many of his writings and the work he also did as a member of the Gaelic Society of Inverness show us . But despite that he wasn't a blind enthusiast. He was an exceptional rational and spirited scholar and widely he opened the door to the scientific philological field of the 20th century for the many followers to set a foot on it. Alexander died (COD: cerebral haemorhage), far too young, on the 4th of April 1907 in the Station Hotel in Stirling, when he was on Easter holidays (maybe also in order to visit his publisher Eneas MacKay) . At least those who, out of whatever reasons, start to learn Gaelic should be made acquainted – at least a bit – with the history and the man behind the name Alexander MacBain. The 20th and 21st century scholarship of the Indo-European language tree as well as the “common Gaels” owe a lot to Alexander MacBain. Some Publications/Lectures/Literature from Alexander MacBain: MacBain, A., 1883, ‘The Language and Literature of the Gael’ (speech given at the Tenth Annual Dinner of the Society), Trans Gaelic Soc Inverness, 10 (1881–83), 94. MacBain, A., 1885, Celtic Mythology and Religion, Publisher: A & W Mackenzie, Inverness MacBain, A., 1886, ‘The Heroic and Ossianic Literature’, Trans Gaelic Soc Inverness, 12 (1885–86), 180–211. MacBain, A., 1891, ‘Forward to the Collection of Mary MacPherson’s verses - Appreciation of the life and poetry of the Skye poetess, Mary MacPherson’ (Màiri Nic a’ Phearsain, Dàin agus Orain Ghàidhlig (Inverness, 1891), xi–xiv.) Macbain, A., 1891, ‘Gaelic incantations’, Transactions of the Gaelic Society of Inverness, xvii (1890–1), 222–66. MacBain, A. & Kennedy, J. (eds), 1892–4, Reliquiae Celticae: Texts, Papers and Studies in Gaelic Literature and Philology, 2 vols. Inverness. MacBain, A., 1892, 'Who were the Feinn? Did Fingal live and Ossian sing?', Gaelic Society of Glasgow, 26th January 1892 MacBain, A., 1894, `The Norse Element in the Topography of the Highlands and the Isles´ MacBain, A., 1895, Personal Names and Surnames of the Town of Inverness, Publisher: The Northern Counties Printing and Publishing Company, Limited, Inverness MacBain, A., 1897, ‘Mr Skene versus Dr Skene’, Trans Gaelic Soc Inverness, 21 (1896–97), 191–214. MacBain, A. & Whyte, J., 1906 (4th edition), How to Learn Gaelic, Publisher The "Northern Chronicle" Office, Inverness MacBain, A., 1909, Outlines of Gaelic Etymology (including MacBain's Study on "Ptolemy's Geography of Scotland, 1892") , Publisher: Eneas MacKay, Stirling MacBain, A., 1911, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language, second edn. Stirling. MacBain, A., 1917, Celtic Mythology and Religion (edited by William J Watson). Stirling. MacBain, A., 1920 (3rd edition), Gaelic Reader with Outlines of Grammar, Publisher: The "Northern Chronicle" Office, Inverness MacBain, A., 1922, Place Names [of the] Highlands and Islands of Scotland (with notes and introduction by William J Watson). Publisher: Eneas MacKay, Stirling.
BirthClàradh-breith aig Alasdair MacBeathain (Birth Certificate of Alexander MacBain)Clàradh-breith aig Alasdair MacBeathain (Birth Certificate of Alexander MacBain)
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,766 × 1,241 pixels
File size: 216 KB
Type: Photo
ResidenceDealbh Taigh Druim na CallaichDealbh Taigh Druim na Callaich
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,258 × 839 pixels
File size: 145 KB
Type: Photo
Note: Dealbh dèanta le Alasdair MacBeathain
OccupationAlasdair MacBeathain còmhla ri SgoilearanAlasdair MacBeathain còmhla ri Sgoilearan
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,208 × 688 pixels
File size: 105 KB
Type: Photo
Note: Dealbh à: Celtic Mythology and Religion with chapters upon Druid Circles and Celtic Burial by Alexan…
DeathClàradh-bhàis Alasdair MacBeathain (Death Certificate Alasdair MacBeathain)Clàradh-bhàis Alasdair MacBeathain (Death Certificate Alasdair MacBeathain)
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,696 × 1,282 pixels
File size: 327 KB
Type: Photo
BurialLeac-uaighe aig Alasdair MacBeathainLeac-uaighe aig Alasdair MacBeathain
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,213 × 3,020 pixels
File size: 1,248 KB
Type: Photo
BurialLeac-uaighe Alasdair MacBeathain - Gràbhaladh/SgrìobhadhLeac-uaighe Alasdair MacBeathain - Gràbhaladh/Sgrìobhadh
Format: image/jpeg
Image dimensions: 3,568 × 2,280 pixels
File size: 2,521 KB
Type: Photo
BurialLeacan-uaighe - Alasdair is a theaghlachLeacan-uaighe - Alasdair is a theaghlach
Format: image/jpeg
Image dimensions: 2,376 × 3,544 pixels
File size: 2,409 KB
Type: Photo
TitleAlasdair MacBeathain LL.D.Alasdair MacBeathain LL.D.
Format: image/jpeg
Image dimensions: 991 × 1,620 pixels
File size: 159 KB
Type: Photo
Note: Dealbh à: Place Names Highlands & Islands of Scotland by Alexander MacBain (Stirling 1922, Eneas…
Media objectAlasdair Mac BeathainAlasdair Mac Beathain
Format: image/jpeg
Image dimensions: 204 × 245 pixels
File size: 12 KB
Type: Photo
Note: Dealbh à: An Etymological Dictionary of the Gaelic Language by Alexander MacBain LL.D.
Media objectBeachdan Ura à Inbhir Nis/New Opinions from Inverness
Format: application/pdf
File size: 2,898 KB
Type: Document
Media objectAiste Beatha Alasdair MacBeathain le Ronald Black (Essay - Life of Alexander MacBain by Ronald Black)
Format: application/pdf
File size: 23 KB
Type: Document
Media objectNòtaichean Alasdair MacBeathain mu a bheatha (Alexander MacBain's papers) - 1872 - le luaidhean Màiri Nic Coinnich
Format: application/pdf
File size: 76 KB
Type: Document
Media objectThe paternal ancestry of Alexander MacBain (kindly provided by Seumas Grannd, Rothiemurchus)
Format: application/pdf
File size: 12 KB
Type: Document
Media objectThe maternal ancestry of Alexander MacBain (kindly provided by Seumas Grannd, Rothiemurchus)
Format: application/pdf
File size: 8 KB
Type: Document
Media objecthistory of the Old School (Sgoil Co-Thional Am Baile Ùr Sgìre Innis, Bàideanach - General Assembly School Insh, Badenoch)
Format: application/pdf
File size: 154 KB
Type: Document
Media objectAlasdair MacBeathain LL.D.Alasdair MacBeathain LL.D.
Format: image/jpeg
Image dimensions: 991 × 1,620 pixels
File size: 159 KB
Type: Photo
Note: Dealbh à: Place Names Highlands & Islands of Scotland by Alexander MacBain (Stirling 1922, Eneas…
Media objectAlasdair MacBeathain còmhla ri SgoilearanAlasdair MacBeathain còmhla ri Sgoilearan
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,208 × 688 pixels
File size: 105 KB
Type: Photo
Note: Dealbh à: Celtic Mythology and Religion with chapters upon Druid Circles and Celtic Burial by Alexan…
Media objectLeac-uaighe aig Alasdair MacBeathainLeac-uaighe aig Alasdair MacBeathain
Format: image/jpeg
Image dimensions: 1,213 × 3,020 pixels
File size: 1,248 KB
Type: Photo